LEANABH AN ÀIGH


Words: Mary M. Macdonald (1789-1872).

Music: Bunessan, traditional Gaelic melody (MIDI, score).


Leanabh an àigh, an Leanabh aig Màiri
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig do’n fhàsach, dh’fhuiling ’n ar n-àite
Son’ iad an àireamh bhitheas dhà dlùth!

Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
’S geàrr gus am falbh iad, ’s fasaidh iad anfhann,
An àilleachd ’s an dealbh a’ searg san ùir.

Cha b’ionann ’s an t-Uan thàinig gur fuasgladh
Iriosal, stuama ghluais e’n tùs;
E naomh gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh,
Dh’éirich e suas le buaidh o ùir.

Leanabh an àigh, mar dh’aithris na fàidhean;
’S na h-àinglean àrd’, b’e miann an sùl;
’S E ’s airidh air gràdh ’s air urram thoirt dhà
Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.


English